Plana Comhairle Inbhir Chluaidh 2023/28

Is e gealltanas Inbhir Chluaidh Soirbheas do na h-uile – Ga Dhèanamh Ceart airson a h-uile Pàiste, Saoranach agus Coimhearsnachd.

Tha sinn gu math mothachail gu bheil cothroman beatha eadar-dhealaichte thar an t-sluaigh againn agus gu bheil dùbhlain mhòra ann a thaobh bochdainn agus neo-ionannachd. Tha sinn airson ’s gum bi soirbheas ann do na h-uile, le cothrom furasta aig a h-uile duine sna coimhearsnachdan againn air seirbheisean àrd-inbhe na Comhairle.

Tha trì cuspairean againn.

CUSPAIR 1: DAOINE

’S iad muinntir Inbhir Chluaidh agus na daoine a tha air am fastadh leis a’ Chomhairle gus ar seirbheisean a lìbhrigeadh beothalachd na sgìre. Tha a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom co-ionann aig a h-uile duine gus buannachd fhaighinn bho shoirbheasan agus gus gluasad air adhart anns gach raon den obair agus den bheatha aca aig cridhe na h-obrach againn gus dèanamh cinnteach gun ruig daoine fa leth am fìor chomas, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachd againn agus a’ Chomhairle comasach air dèiligeadh ri dùbhlain.

Builean a choileanas sinn:

• Bidh an toiseach tòiseachaidh as fheàrr aig na daoine òga againn nam beatha tro thaic agus foghlam aig àrd-inbhe.

• Tha beàrnan ann am builean co-cheangailte ri bochdainn air an lùghdachadh.

• Tha daoine a’ faighinn taic gus piseach a thoirt air an cuid slàinte is sunnd.

• Bidh barrachd dhaoine ann an cosnadh, le pàigheadh agus cumhaichean cothromach.

• Tha na teaghlaichean agus an luchd-còmhnaidh as so-leònte againn air an dìon agus iad a’ faighinn taic.

CUSPAIR 2: ÀITE

’S e cruinneachadh de dh’àiteachan a th’ ann an Inbhir Chluaidh - na bailtean-mòra agus na bailtean-beaga againn - gach fear le a fhèin-aithne fhèin ach le mothachadh làidir gu bheil sinn uile a’ faighinn soirbheas agus chothroman bho bhith nar pàirt de bhuidheann nas motha a tha a’ gluasad air adhart còmhla.

Builean a choileanas sinn:

• Tha coimhearsnachdan a’ soirbheachadh, a’ fàs agus seasmhach.

• Tha an obair taigheadais ro-innleachdail againn làidir.

• Tha ar n-eaconamaidh agus bunait nan sgilean againn gan leasachadh.

• Tha solar gu leòr de thogalaichean gnìomhachais againn.

• Tha an àrainneachd nàdarra againn ga dìon.

CUSPAIR 3: COILEANADH

Is e Comhairle àrd-amasach a th’ annainn, a tha daonnan a’ feuchainn ri piseach a thoirt air gnothaichean. Mar sin is e coileanadh an treas cuspair ann am prìomhachasan Plana na Comhairle againn.

Builean a choileanas sinn:

• Tha seirbheisean àrd-inbhe agus ùr-ghnàthach air an toirt seachad, a bheir dhuinn luach an airgid.

• Tha an luchd-obrach againn a’ faighinn taic agus leasachadh.